Alba aig UEFA EURO 2024 ann am Munich

Munich Albannach: Fèileadh aig Oktoberfest agus bhiocair an uisge-bheatha

Tha e na urram gum bi Alba a’ cluich geama fosglaidh UEFA EURO 2024 an aghaidh na Gearmailt ann am Munich. Is cinnteach gum bi othail mhòr sa bhaile leis na mìltean de luchd-leantainn Albannach a’ taomadh a-steach aig toiseach Farpais Mhòr na h-Eòrpa. A bharrachd air Farpais Mhòr na h-Eòrpa, tha mòran eile aig Munich ann an coitcheannas le ceann a tuath Bhreatainn: fèilidhidhean air daoine aig Oktoberfest, ciad bhaile-cèile aig Munich agus seirbheisean eaglais le uisge-beatha – tha blas na h-Alba air Munich.

Dudelsack-Spieler im traditionellen Kilt auf der St. Patrick's Day Parade in München
Shutterstock/Manuel Findeis
Fèileadh agus a’ phìob-mhòr air Ludwigstraße Munich: Càit am faic thu Alba ann am Munich

Air sgàth Roinn an Fhoghlaim agus an Spòrs

Chaidh an t-artaigil seo mu UEFA EURO 2024 ann am baile-òsta Munich, fear de 10 bailtean-òsta Farpais Mhòr Ball-coise na h-Eòrpa sa Ghearmailt, a choimiseanadh le Roinn an Fhoghlaim agus an Spòrs. Dh’obraich Roinn an Fhoghlaim agus an Spòrs le muenchen.de, fosglan oifigeil a’ bhaile, gus an t-susbaint a dheasachadh.

Alba aig a’ gheama fosglaidh ann am Munich

Faodaidh sibh “Ceud mìle fàilte” èigheachd ri luchd-leantainn na h-Alba nuair a choinnicheas sibh iad ann am Munich air 14mh latha dhen Ògmhios. Thèid geama fosglaidh UEFA EURO 2024 a chluich ann an Arena Fröttmaninger aig 9f air an latha sin, nuair a sheasas Alba an aghaidh na Gearmailt.

Thathar an dùil ris na mìltean de luchd-leantainn a bhith a’ siubhal a-nall bhon dùthaich gu Munich. Aithnichidh duine sam bith a tha eòlach air luchd-leantainn na h-Alba a’ ghleadhraich is aighear a bhios iad a’ dèanamh. Ach cha ruig thu leas feitheamh ri Farpais Mhòr na h-Eòrpa gus sgeul fhaighinn air Alba anns a’ bhaile againn. Ann am Munich, gheibh thu lorg orra gach latha ’s a h-uile àite!

Logo der Host City München bei der UEFA EURO 2024 mit den Türmen der Frauenkirche

Alba: Fiosrachadh air dùthaich-aoighe Farpais Mhòr na h-Eòrpa

  • Farsaingeachd: 77,910 km²
  • Àireamh-shluaigh: 5.5 millean
  • Ceanna-bhaile: Dùn Èideann (1,327 km air falbh o Munich)

Taigh-consalachd Bhreatainn ann am Munich
Möhlstraße 5
81675 Munich
Làrach-lìn

Partaidh Albannach: Bidh Munich ri hòro-gheallaidh aig breab-toisich Farpais na h-Eòrpa

Ma tha sibh airson ur garadh aig a’ gheama fosglaidh còmhla ri luchd-taice Albannach, thig gu Backstage air 13 Ògmhios. Bidh “Partaidh Fosgladh Euro 2024” ann an sin aig 7f. Tha e ga ruith leis na Tartan Troubadours agus iad air sreath sgoinneil de chòmhlain-chiùil Albannach a chur air dòigh dhuibh.

Is e Glasvegas còmhlan annasach à Glaschu a tha fìor mhath air cùisean a chur gu dol beò. Bheir an seinneadair-sgrìobhadair Kyle Falconer, a tha aithnichte mar phrìomh-fhear The View, measgachadh de a chlàran aon-neach “No Love Songs for Laura” is “No Thank You” thugainn. Bidh cothrom mar an ceudna ann èisteachd ri Gallus, Ben Walker agus PG Ciarletta. Seo an roghainn as fheàrr ma tha sibh airson aithne a chur air beagan de chultar na h-Alba mus tòisich Farpais na h-Eòrpa.

Cultar na h-Alba: Air èideadh an fhèilidh gu Oktoberfest

Is gann nach aithnich duine a chunnaic trusgan traidiseanta Bavaria agus caismeachd nan cuspairichean aig Oktoberfest còmhlan-pìoba is drumaichean Claymore, a bhios daonnan a’ gabhail pàirt ann. Stèidhichte ann an 1976 aig Marienplatz am Munich, tha na pìobairean air iomadh bliadhna de shoirbheachas a mhealtainn. Tha iad air cluich aig consairtean le luchd-ciùil uirsgeulach Rod Stewart agus Mike Oldfield, am measg chàich. A thuilleadh air Oktoberfest, chithear iad aig caismeachd mhòr Là-fhèill Phàdraig ann am Munich air 17mh dhen Mhàrt.

Ma tha ùidh agaibh ann an dannsadh Albannach, bu chòir dhuibh sùil a thoirt air Comann Albannach Munich, stèidhichte an 1973. An seo, bidh sinn gar cleachdadh annta ’s ri dannsaichean dùthchail Albannach no Gàidhealach a h-uile seachdain. Faodaidh neach sam bith pàirt a ghabhail ann!

Tha Munich Caledonians eudmhor cuideachd airson cultar na h-Alba a chur an cèill dhuinn. Gheibhear coinneamhan grunn tursan sa bhliadhna far an tèid mòran ionnsachadh mu nòsan Albannach agus eòlas a chur air an aoigheachd a bu dual do mhuinntir na h-Alba.

Gearmailtis do luchd-tòiseachaidh

Gàidhlig

Gearmailtis

Halò! Hallo!
Latha brèagha a tha ann! Guten Tag!
Munich München
Tha Ja
Chan Nein
Mas e do thoil e! Bitte!
Mòran taing! Danke!
Dè an t-ainm a th'ort? Wie ist dein Name?
'S e [...] an t-ainm a th' orm Mein Name ist [...]
Càite bheil an stèideam? Wo geht es zum Stadion?
Gèam math! Gutes Spiel!
Gòl Tor
Chì mi a-rithist thu Bis später

Uisge-beatha Albannach: Is e sagart à Munich Neach-glèidhidh a’ Chuaich

Ein Glas Scotch Whisky auf einem Tisch
Pixabay

An robh fios agaibh gu bheil “seirbheis an drama” ga cumail aig Eaglais Naoimh Mhìcheil, Perlacher Pflanzeltplatz o chionn 2017? Dha-rìribh! Tha a h-uile rud an seo ag iadhadh timcheall air Alba, spioradaileachd Ceilteach agus uisge-beatha. Neo-ar-thaing gur e ceòl Albannach a tha an cois na seirbheis.

Tha an tachartas ga ruith le bhiocair paraiste Perlach, Wolfgang F. Rothe, a tha airidh air an ainm “Neach-glèidhidh a’ Chuaich” leis an t-seirbheis a thug e do chultar uisge-beatha na h-Alba. Seo tiotal a chaidh a bhuileachadh cheana air Ronald Reagan, seann-cheannard nan Stàitean Aonaichte, air actair uirsgeulach Sean Connery agus air Rìgh Teàrlach III Bhreatainn.

Am bu toigh leibh blasadh air uisge-beatha na h-Alba agus annasan Albannach eile? Chan fhaighear taigh-seinnse gu tur Albannach ann am Munich. Gidheadh, tha an àite dligheach aig dramaichean à Alba air clàr-dheochan iomadh taigh-seinnse, leithid Kennedy’s no Kilians am meadhan a’ bhaile no The Keq Bar ann an Schwabinq. San dol seachad, ’s àbhaist do na geamannan ball-coise as cudromaiche a bhith gan craoladh an sin.

Càirdeas Albannach: B’ e Dùn Èideann a’ chiad bhaile-cèile aig Munich

Panorama von Edinburgh mit Blick auf die zwei Türme der Augustine United Church
lino9999/Pixabay

Tha ochd bailtean-cèile a-nis aig Munich, ach ’s ann an Alba a bha a’ chiad fhear. Tha Munich agus Dùn Èideann, prìomh-bhaile Alba, nam bailtean-cèile o 1954, rud a thàinig gu bith le coinneamh eadar dà chomhairle sgoile nam bailtean. Rinn Iar-stiùiriche Dhùn Èideann is a cho-obraiche à Munich airson buidhnean thidsearan is sgoilearan iomlaid, agus dh’aontaich Àrd-mhaor Munich, Thomas Wimmer, ’s Àrd-phrobhaist Dhùn Èideann, John G. Banks, gur e deagh bharail a bh’ ann. Chaidh an càirdeas eadar na bailtean sheulachadh agus bhon uair sin tha prògraman iomlaid riaghailteach is farpaisean air a bhith ann eadar an dà mhòr-bhaile.

Ann an 2023, fhuaras tiodhlac sònraichte bho Munich mar chomharra air a’ chaidreabh 70 bliadhna a dh’aois seo. Thog an snaigheadair Thomas Hildenbrnad bàthach-breith Chrìosd, a chaidh a thaisbeanadh don phoball ann an Ceàrnag Baile Dhùn Èideann.

Agus tha dàimhean rìoghail ann cuideachd: Dh’fhaodadh dlighe crùn Bhreatainn, agus mar sin, crùn na h-Alba air a bhith aig ceann teaghlach-riaghlaidh Wittelsbach, Franz Bavaria, a rugadh am Munich nam biodh tagradh ann. ’S e sin co-dhiù beachd nan Seumasach nach eil ag aithneachadh còir-dlighe Bhreatannach don chrùn. Oir tha Franz Bavaria de shliochd fad-às nan Stiubhartach, an teaghlach a bha air crùn Shasainn eadar 1603 is 1714 agus, a rèir nan Seumasach, a bu chòir a bhith nan suidhe fhathast air a’ chathair-rìoghail ann an Lùchairt Buckingham an-diugh. Is cinnteach, ge-tà, nach do thagair Franz Bavaria fhèin a dhlighe mas-fhìor seo agus e am beachd gur e annas a th’ ann.

Pearsachan poblach na h-Alba Bho spòrs gu ceòl – Albannaich a thug làmh air gach rud

Hansi Flick, Alan McInally und Olaf Thon recken die Meisterschale im Olympiastadion in die Höhe
Imago
Hansi Flick, Ailean McInally agus Olaf Thon a’ togail cuach na farpaise san Stèideam Oilimpigeach

Ailean McInally (meadhan) a bhuannaich prìomh-dhuais na Gearmailt le FC Bayern ann an 1990. Seo esan ga chomharrachadh aig an Stèideam Oilimpigeach còmhla ri buill eile an sgiobaidh, Hansi Flick agus Olaf Thon

Tha tè de na ban-chluicheadairean Albannach as fheàrr a’ dèanamh a beò-shlàint ann am Munich: Tha Samantha Kerr, caiptean sgioba nàiseanta na h-Alba, a’ cluich aig FC Bayern bho 2023. Air dhi còig tiotalan Lìog na h-Alba a ghlèidheadh agus i air a h-ainmeachadh Ban-chluicheadair na Bliadhna 2022 an Alba, tha i an-dràst’ a’ sireadh dùbhlan ùr ann am Munich.

Tha a co-thìreach, Liam Moireasdan, fo chùmhnant do dàrna sgioba FC Bayern, ged a tha e a’ cluich air iasad aig Wigan Athletic, club Sasannach an treas dibhisein. ’S dòcha nach bi e a’ gabhail pàirt ann am Farpais Mhòr na h-Eòrpa ged a b’ àbhaist dha bhith cluich aig a h-uile sgioba-U na h-Alba.

Tha Ailean MacInally cuideachd air àite fhèin a dhleasadh ann an leabhraichean eachdraidh ball-coise Munich: B’ esan adhartaiche dha FC Bayern bho 1989 gu 1992 agus ghlèidh e prìomh-lìog na Gearmailt ann an 1990.

Tha Bob Ross aithnichte fada thall o iomall baile Munich. Chan e mhàin gun cluich an ceòladair ioma-thàlantach seo an còrn le Orcastra Phiol-armonach Munich, ach tha e na stiùireadair, fèistear agus preseantair cuideachd. ’S esan cuideachd a stèidhich ceòl-chruinne Blechschaden Munich, a tha aithnichte airson a spionnadh cluiche.

Samantha Kerr aig Oktoberfest

Beitrag auf Instagram ansehen.

Seo an ùine a bheir e siubhal bho Dhùn Èideann gu Munich

  • Air a’ phlèan: 2 uair 25 mionaidean (turas-adhair dìreach)
  • Sa chàr: mu thuaiream 19 uairean a thìde
  • Air a’ bhus: mu thuaiream 32 uair a thìde
  • Air an trèan: mu thuaireamh 14 uairean 30 mionaid a thìde (ceangal as luaithe)
  • Air chois: mu thuaiream 11 latha

Clàr-eachdraidh Alba ann am Farpais Mhòr na h-Eòrpa Daonnan a-mach sa chuairt thòiseachail

’S e seo an ceathramh turas a bhios sgioba na h-Alba a’ nochdadh aig Farpais Mhòr na h-Eòrpa agus tha amas soilleir aig na “treun-ghaisgich” mar a theirear riutha gu h-oifigeil: ’S e sin a bhith a’ ruigsinn a’ chuairt aon-gheama. Sna trì tursan roimhe a nochd iad, chaidh na h-Albannaich a chur às an fharpais sa chuairt tòiseachaidh. Eadar dà sgeul, nuair a nochd iad airson a’ chiad uair air àrd-ùrlar na h-Eòrpa an 1992 san t-Suain, bha eas-caraid eòlach romhpa: A’ Ghearmailt. Bhuannaich sgioba DFB 2:0 an uair ud, le Karl-Heinz Riedle agus Stefan Effenberg a’ cur nan tadhal.

Ged nach eil rionnagan mòra aig Alba an-diugh, le John McGinn à Aston Villa agus Scott McTominay à Manchester United, tha dithis fìor-èifeachdach aca am meadhan na pàirce. Ràinig sgioba coidse Steve Clarke an fharpais sa Ghearmailt nuair a chrìochnaich iad san dàrna àite ann am Buidheann A fon Spàinn a bu mheasaile agus fada air thoiseach air Nirribhidh a dh’aindeoin an t-sàr-chluicheadair Erling Haaland aca.

Fuirichidh na h-Albannaich ann an Garmisch-Partenkirchen rè Farpais na h-Eòrpa, leis gu bheil, as dòcha, slèibhtean nam beann Bavarianach a’ toirt na Gàidhealtachd an cuimhne aca.

Geamannan buidheann na h-Alba aig Euro 2024:

  • 14 Ògmhios, 9f ann am Munich: A’ Ghearmailt – Alba
  • 19 Ògmhios, 9f ann an Cologne: Alba – an Eilbheis
  • 23 Ògmhios, 9f ann an Stuttgart Alba – an Ungair